Co-chànan/ Comhtheanga: Scottish/ Irish Gaelic Residency

Co-chànan/ Comhtheanga: Greis-chòmhnaidh sgrìobhadairean Gàidhlig na h-Alba/na h-Èireann

Tha sinn a’ sireadh tagraidhean o sgrìobhadairean Gàidhlig is Gaeilge stèidhichte airson Co-chànan/ Comhtheanga: greis-chòmhnaidh thar-chinealach a bhios digiteach is aghaidh ri aghaidh, a’ rùrachadh nan ceanglaichean eadar na co-chànain seo agus a’ ceangal coimhearsnachdan Gàidhlig is Gaeilge ri chèile.

Gheibh sgrìobhadair Gàidhlig agus sgrìobhadair Gaeilge cothrom a thighinn gu greis-chòmhnaidh eadar-nàiseanta aig Mon Ìothaig Mhòr san t-Sultain 2024 a rùrachadh is a bheartachadh nam practasas cruthachail aca ri taobh sgrìobhadairean às an Ucràin, Alba, Aotearoa agus comhalta Jessie Kesson Mhon Ìothaig Mhòr 2024.

Ron ghreis-chòmhnaidh, gheibh na sgrìobhadairean cothrom coinneachadh ri chèile air loidhne a shealltainn an cuid obrach ri chèile ’s a chnuasachadh tèamannan co-obrachaidh. Nithear bùth-obrach dhe na tèamannan seo a thèid a cho-lìbhrigeadh do dhaoine òga air a’ Ghàidhealtachd ann an Alba agus ann an Èirinn air Zoom san t-Sultain. An dèidh na greise-còmhnaidh, taisbeanaidh na sgrìobhadairean an obair a rinn iad is nì iad deasbad air aig tachartas air loidhne do choimhearsnachdan Gàidhlig is Gaeilge.


Tha Co-chànan/ Comhtheanga fosgailte do sgrìobhadairean bàrdachd, ficsein, neo-fhicsein, dràma, sgrìn is òran. (barrachd fiosrachaidh gu h-ìosal a thaobh cò ’s urrainn dhaibh a chur a-steach air a shon). Tha am prògram a’ gabhail a-staigh:

  • Greis-chòmhnaidh dà sheachdain aig Ionad Sgrìobhadairean Mhon Ìothaig Mhòr eadar 2na dhen t-Sultain is 14mh dhen t-Sultain 2024
  • Taisbeantas aig tachartas leughaidh beò do sgrìobhadairean-còmhnaidh eadar-nàiseanta aig Mon Ìothaig Mhòr
  • Coinneamhan air loidhne ron ghreis-chòmhnaidh phearsanta
  • Co-lìbhrigeadh de bhùth-obrach air loidhne/aghaidh ri aghaidh do dhaoine òga air a’ Ghàidhealtachd agus ann an Èirinn
  • Leughadh deireannach air loidhne agus còmhradh san Dàmhair/san t-Samhain
  • Siubhal a Mhon Ìothaig Mhòr, cuid-oidhche agus biadh
  • Stìpean £1000 an neach

Fhuair a’ chòmhnaidheachd seo taic fhialaidh o Bhòrd na Gàidhlig agus Foras na Gaeilge tro mhaoin Iomairt Chalum Cille.

Ion-ròghnachd

Tha a’ ghreis-chòmhnaidh seo fosgailte do sgrìobhadairean bàrdachd, ficsein, neo-fhicsein, dràma, sgrìn is òran stèidhichte ’s iad ag obair ann an Gàidhlig no Gaeilge. Feumaidh gun deach co-dhiù aon phìos obrach mòr fhoillseachadh le taigh-foillseachaidh san RA no ann an Èirinn (mar eisimpleir, nobhail no cruinneachadh sgeulachdan goirid, bileag no cruinneachadh bàrdachd no albam) no gun deach co-dhiù aon phìos obrach aca a chur air àrd-ùrlar phroifeiseanta mus gabhar ri tagradh dhan ghreis-chòmhnaidh seo. Bhiodh e math cuideachd nam biodh sgil aig an tagraiche ann a bhith a’ lìbhrigeadh bùthan-obrach no a bhith ag obair le clann is daoine òga. Tha a’ chòmhnaidheachd seo fosgailte do sgrìobhadairean a tha a’ fuireach ann an Alba no Èirinn no sgrìobhadairean Albannach is Èireannach a tha a’ fuireach am badeigin eile san RA. Pàighidh a’ chòmhnaidheachd cosgaisean siubhal taobh a-staigh na RA is na h-Èireann. Bidh fàilte shònraichte ro thagraidhean le daoine a bha cnapan-starra san rathad orra is iad airson sgrìobhadh.


Tagradh

Bidh an sgrìobhadair Caomhan MacNèill agus Róisín Costello air panail taghadh na còmhnaidheachd seo agus riochdairean o Bhòrd na Gàidhlig, Foras na Gaeilge agus Mon Ìothaig Mhòr. 

Cuir tagradh thugainn ann an aon sgrìobhainn (’s fheàrr sgrìobhainn Microsoft Word ach gabhaidh sinn ri Pages agus PDF cuideachd):

Ann am Beurla:

  • CV goirid a bheir dealbh air an obair a rinn thu le daoine òga agus/no buidhnean coimhearsnachd roimhe.
  • Litir còmhdachaidh a mhìnicheas carson a tha an tagradh agad ion-ròghnach dhan chomhaltachd seo agus dè na buannachdan a bhiodh aice air d’ obair.

Ann an Gàidhlig:

  • Ball-eisimpleir dhe d’ obair (2,000 facal air a’ char as motha no 6 duilleagan de bhàrdachd le beàrnadh dùbailte is teacsa air aon taobh de gach duilleag a-mhàin)
  • Bhiomaid fada nad chomain cuideachd nam b’ urrainn dhut am foirm againn airson marasgladh co-ionannachd, iomadachd is ion-ghabhaltais a choileanadh an seo. Bidh am fiosrachadh a chruinnicheas sinn san fhoirm sin gun urra.

Faodar tagradh a chur eadar 15mh dhen Ghiblean 2024 gu ruige 23:59 10mh dhen Chèitean 2024. Gheibh gach neach a chuireas tagradh a-steach fios mun tagradh acasan ro dheireadh a’ Chèitein 2024.

Cuir an tagradh agad thugainn air a’ phost-d gu: residencies@moniackmhor.org.uk is cuir seo ann an loidhne a’ chuspair: Co-chànan/ ComhtheangaGheibh thu dearbhadh puist-d fèin-obrachail a dh’innseas dhut gun d’fhuair sinn an tagradh agad.  Cuir fios thugainn air info@moniackmhor.org.uk mur am faigh thu an fhreagairt fhèin-obrachail sin. (Ach thoir sùil air pasgan an spama no na truilleise agad an toiseach.)

Faodaidh tu tagradh a chur thugainn sa phost cuideachd aig an t-seòladh a leanas: Ionad Sgrìobhaidh Chruthachail Mon Ìothaig Mhòr, Taigh a’ Bharain, Cill Taraghlain, Siorrachd Inbhir Nis IV4 7HT. Cuir fòn no post-d thugainn ma chuir thu tagradh thugainn sa phost.

Airson ceist sam bith mun ghreis-chòmhnaidh seo, cuir fios thugainn aig residencies@moniackmhor.org.uk no cuir fòn gu 01463 592 828.

Comments are closed.