Gaelic Online Workshop le Ruairidh Maclean: Sgeulachdan nan Gaisgeach

Gaelic Online Workshop le Ruairidh Maclean: Sgeulachdan nan Gaisgeach

Date/Time
Date(s) - Thu 18th Nov, 2021
7:30pm - 8:30pm

Location
Online, Moniack Mhor Hosting, via Zoom,


Sgeulachdan nan Gaisgeach 
Sùil air Sgeulachdan nam Fianna is Ghaisgeach eile às an làraich-lìn ùir ‘Sgeulachdan nan Gaisgeach

 

Bidh an dà bhùth-obrach seo (gach tè uair a thìde) a’ toirt sùil air na sgeulachdan Gàidhlig a lorgar air an làraich-lìn Sgeulachdan nan Gaisgeach (https://gaisgeach.com/). Bidh leasaiche na làraich, an craoladair, ùghdar is sgeulaiche Ruairidh MacIlleathain, a’ mìneachadh a’ chorpais – sgeulachdan de na Fianna agus gaisgich eile à dualchas nan Gàidheal ann an Alba – agus mar a rinn e ath-sgrìobhadh orra airson an dèanamh nas freagarraiche airson Gàidheil an latha an-diugh. Thigibh an cuideachd Fhinn, Oisein, Oscair, Sgiath, Deirdre is eile!

Bidh a’ chiad sheisean a’ toirt sùil air sgeulachdan à caochladh tùs (sgrìobhte agus mar fhaidhlichean-claisneachd), leis an dàrna bùth-obrach a’ cur na prosbaig air a’ chorpas shònraichte aig Seòras Mac a’ Phearsain à Gleann Dail san Eilean Sgitheanach. Bidh Seòras ag innse a chuid sgeulachdan ann am Beurla ach buinidh iad do dhualchas na Gàidhlig agus ’s ann bho bheòil Ghàidheal a fhuair e iad.

Tha an dà bhùth-obrach seo a-mhàin dhaibhsan a tha fileanta ann an Gàidhlig na h-Alba.

Cinn-latha bùthan-obrach
  • Dia 18 Nov 2021 1930-2030
  • Dia 25 Nov 2021 1930-2030

Tha Ruairidh MacIlleathain na chraoladair, ùghdar, oide agus sgeulaiche, stèidhichte ann an Inbhir Nis. Chruthaich e, agus bidh e a’ lìbhrigeadh, dà phrògram rèidio seachdaineil airson luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig air BBC Radio nan Gàidheal. Bhuannaich an nobhail aige Còig Duilleagan na Seamraig Duais Dhòmhnaill Meek ann an 2018 agus bha i air a’ gheàrr-liosta airson Leabhar Ficsein na Bliadhna aig Comann Crainn na h-Alba ann an 2019. Sgrìobh e grunn leabhraichean air ainmean-àite air a’ Ghàidhealtachd agus tha e air iomadh cùrsa a ruith air feadh Alba mu shealladh nan Gàidheal air an tìr agus nàdar. Tha ballrachd aige ann am Forum Sgeulaichean na h-Alba agus bha ùidh aige bho chionn fhada ann am mòr-sgeulachdan nan gaisgeach. Chuir e fhèin agus a mhac, Calum, làrach-lìn ùr (gaisgeach.com) air dòigh am-bliadhna air a bheil fichead sgeulachd a ghabhas luchdadh a-nuas, agus a th’ air an aithris ann an Gàidhlig an latha an-diugh.

Roddy Maclean (Ruairidh MacIlleathain) is a broadcaster, author, educator and storyteller, based in Inverness. The creator and presenter of two long-running programmes for Gaelic learners on BBC Radio nan Gàidheal, Roddy is a published author whose novel Còig Duilleagan na Seamraig won the Donald Meek Award in 2018 and was shortlisted for Fiction Book of the Year in the 2019 Saltire Awards. He is the author of several publications on Highland place-names, and has run many courses and workshops around Scotland about the Gaelic interpretation of landscape and nature. He is a member of the Scottish Storytelling Forum and has a long-standing interest in the ancient hero tales belonging to Gaelic tradition. He and his son Calum recently created a website (gaisgeach.com) which hosts twenty downloadable stories, retold in accessible modern Gaelic.

 

Bòrd na Gàidhlig logo

 

Le taic bho Bhòrd na Gàidhlig

With support from Bòrd na Gàidhlig

 

Please note, we can offer a small number of subsidised spaces for this workshop via our bursary scheme. If you experience a financial barrier to attending this event, please email us to discuss options at info@moniackmhor.org.uk.

 


Bookings

This course is now fully booked. Please contact us on info@moniackmhor.org.uk or 01463 741 675 to be added to the waiting list.


Comments are closed.