SGEULACHDAN NA FÈINNE 3 AGUS GAISGICH GHÀIDHEALACH EILE LE RUAIRIDH MACILLEATHAIN

SGEULACHDAN NA FÈINNE  3 AGUS GAISGICH GHÀIDHEALACH EILE LE RUAIRIDH MACILLEATHAIN

Date/Time
Date(s) - Sun 3rd Mar, 2019
10:00am - 4:00pm

Location
Moniack Mhor, Kiltarlity, Inverness-shire , IV4 7HT


(AIRSON FEADHAINN A THA FILEANTA ANN AN GÀIDHLIG)

Bidh a’ bhùth-obrach seo air a cumail ann an Gàidhlig a-mhàin. Bheirear sùil air cuid de sgeulachdan na Fèinne agus seann charactaran gaisgeil eile, mar a nochdas iad ann am beul-aithris Gàidhealtachd na h-Alba. Bithear a’ coimhead air tùsan sgeulachdan agus mar a ghabhas ceanglaichean a dhèanamh eadar stòiridh agus tìr. Bithear a’ deasbad mar as urrainn do sgeulaichean is luchd-teagaisg a bhith dìleas don traidisean, agus aig an aon àm a bhith a’ dèanamh seann sgeulachdan tarraingeach do dhaoine san latha an-diugh, a’ brosnachadh fileantachd agus moit ann an cultar is dualchas.

Tha Ruairidh MacIlleathain na fhear-naidheachd, chraoladair, oide agus sgeulaiche, stèidhichte ann an Inbhir Nis. ’S e a chruthaich Litir do Luchd-ionnsachaidh agus an Litir Bheag a th’ air an craoladh gu seachdaineil air BBC Radio nan Gàidheal. Tha e cuideachd na ùghdar agus bhuannaich a nobhail Còig Duilleagan na Seamraig Duais Dhòmhnaill Meek ann an 2018. Mar sgeulaiche, tha ùidh mhòr aig Ruairidh ann an sgeulachdan na Fèinne, agus chaidh iarraidh air a bhith ri seanchas aig Fèis Eadarnàiseanta nan Sgeulaichean anns an Dàmhair 2018.

 

TALES OF THE FIANNA  AND OTHER GAELIC HEROES
(FOR FLUENT GAELIC SPEAKERS) WITH RODDY MACLEAN

This day-long Gaelic-medium workshop will explore some of tales of the Fianna and other ancient heroic figures, as recounted in Scottish oral tradition. It will look at sources of materials, and on how connections can be made between story and landscape. It will explore how storytellers and teachers can remain faithful to the scope of the original material, while making ancient legends relevant to a modern audience, encouraging both linguistic fluency and pride in culture and heritage.

Roddy Maclean is a Gaelic journalist, broadcaster, author, educator and storyteller, based in Inverness. The creator of the long-running Litir do Luchd-ionnsachaidh and Litir Bheag on BBC Radio nan Gàidheal, Roddy is a published author whose new novel Còig Duilleagan na Seamraig won the Donald Meek Award in 2018. As a storyteller, he has taken a great interest in the tales of the Fianna, and was invited to participate in the Scottish International Storytelling Festival in October 2018.

an-asgaidh

The event is free of charge. To book, email Heather at info@moniackmhor.org.uk



Comments are closed